Back to index

Oran na maighdean mhara

Hùbha is na hoireann hùbha,
Hùbha is na hoireann hì:
Hùbha is na hoireann hùbha
'S ann le foill a mheall thu mì.

A mach air bharr nan stuagh ri gaillinn,
Fuachd is feannadh fad 'o thìr;
Tha mo ghaol dhuit daònnan fallainn
Ged is maighdean mhara mì.

Hùbha ...

Chaneil mo chadal-sa ach luaineach
'Nuair bhios buaireas air an tìd':
Bha mi 'n raoir an Coire Bhreacain
'S bi mi nochd an Eilean I.

Hùbha ...

Seall is faic an grunnd na fairge -
Uamhan airgiod 's òr gun dìth,
Lainnearachd chan fhaca sùil e
Ann an cuirt no lùchairt righ.

Hùbha ...

Hùbha is na hoireann hùbha,
Hùbha is na hoireann hì:
Hùbha is na hoireann hùbha
It was with guile that you deceived me.

Out on top of the tempest's crest,
coldness and chilliness, far from land;
My love always cloaked you
Although I am only a mermaid

Hùbha...

My sleep is restless
When there is anxiety about the weather:
Last night I spent in Corry Vreckan*
And tonight it's in Iona that I'll be.

Hùbha...

Look and see on the ocean's floor -
Caves of gold and silver in plenty
Beauty never seen before
Even in the courts or palace of kings.

Back to index